2024 EVENTS
Laoidhean Nollaig / Christmas Carols
Carols with our choirs
Friday 20th December, 7pm

Abair oidhche àlainn a bh’ againn ron Nollaig leis ar coisirean agus muinntir na coimhearsnachd a’ seinn laoidhean còmhla. Chòrd e ris a’ chlann agus na h-inbhich agus bha e cho math a thighinn cruinn còmhla aon turas eile ron an Nollaig. Bha 2024 uabhasach trang againn, agus tha sinn an dòchas gum bi 2025 a cheart cho trang agus làn thachartasan inntinneach!
What a brilliant night we had before Christmas with our choirs and the community singing Christmas carols together. The kids and adults were excellent, and it was brilliant to get together before Christmas. A huge thank you to Avril for organising the evening. We had a very busy 2024 and we hope that 2025 is just as busy with lots of interesting events!
Draoidheachd is Pupaidean
Children's Christmas Magic & Puppet Show
Saturday 14 December, 10am


Spòrs is draoidheachd gu leòr a-rithist am-bliadhna le Lynton is Avril. A bharrachd air slat-draoidheachd agus bodach na Nollaig bha na pupaidean animeil Punch is Judy a’ cluich `s a trod. Chòrd e ris a’ chloinn agus na h-inbhich le chèile.
We had another great Magic and Puppet show this year for the local kids. A huge thank you to Lynton and Avril who put the show on. We are so lucky to have such talented people living in our community. The kids really enjoyed themselves and there was plenty fun and laughter!

Sgeulachdan Bidh
Community Meal
Saturday 7 December
Bho chionn ghoirid, thàinig daoine sa choimhearsnachd againn, agus daoine à coimhearsnachdan eile a Ghrinneabhat airson biadh a ghabhail còmhla. Dh’ith iad feòil chaorach, buntàta is glasraich is an uairsin crumbail-ùbhail no carraigean. Bha a h-uile duine a’ bruidhinn is ag innse sgeulachdan mu bhith a’ fàs biadh sa choimhearsnachd. Chòrd an oidhche rinn gu mòr, tapadh leibh dhan a h-uile duine a bha ‘g obair sa chidsean agus dha Fes is Jon airson an oidhche a chur air dòigh.

Recently we held a community meal at Grinneabhat. People from our own community and from other communities came together to eat some local sourced food, share recipes and stories about growing or producing food. This was done as part of research by community members, as part of the Royal Society of Edinburgh funded award “Healthy Planet, Healthy People” to look at how we produce food in our local environment. The night was thoroughly enjoyed by all, thanks very much to the kitchen staff and to Fes and Jon for organising the evening.
Wild Wreath Making with
Jenny Smith
Saturday 7th December






Chilli, Quiz agus Craic
Bilingual Quiz
Dihaoine 29 Samhain /Friday 29 November
Abair oidhche spòrsail a bh’againn aig a quiz mu dheireadh againn! Bha tòrr co-fharpais a’ dol air adhart eadar na sgiobaidhean. Mòran taing do sgioba a’ chafaidh airson a’ bhiadh bhlasta, dhan a h-uile duine a thàinig agus dha Harris Gin and Ishga airson na duaisean.
What a fun night we had at our last quiz! There was some competition going on between the teams. A huge thank you to the café staff for the delicious food, for everyone who came and to Harris Gin and Ishga for supplying the wonderful prizes.



Candle making with
Sandwick Bay Candles
Saturday 23rd November
Bha fàileadh àlainn sa rùm coimhearsnachd againn às dèidh dha Sandwick Bay Candles cèilidh oirnn. Mòran taing do Megan a thàinig a-null a shealltainn dhuinn ciamar a dhèanadh sinn coinnealan.
There was a lovely smell in our Community Room after Sandwick Bay Candles were over teaching us how to make candles. Thank you to Megan who came over to deliver this workshop in our community. Would you like to attend a workshop if we run another one in the New Year?


Nollaig / Christmas
Family Craft Morning
Saturday 23rd November
Abair seiseanan spòrsail a bh’ againn leis a’ chloinn a’ dèanamh sgeadachaidhean Nollaig. Chòrd e ris a h-uile duine, agus bha na seiseanan làn! Mòran taing do Claire is Shona a bha os cionn chùisean.
We had two brilliant craft sessions making Christmas decorations! Everyone enjoyed it and the sessions were full. They got a big thumbs up from Joni anyway! A huge thank you to Claire and Shona who led the sessions.


Grannie Annie's Pop Up Shop &
Cafe Late Night Opening
Friday 22nd November
Bha oidhche glè shnog againn sa chafaidh le biadh math agus gu leòr ri cheannach. Thàinig Annie suas às na Hearadh a’ chèilidh oirnn agus i a’ tabhainn cothrom do dhaoine ann an Leòdhas ceannach bhuaipe. Mòran taing Annie airson a thighinn a’ chèilidh oirnn!
What a lovely night we had in our café, with good food and lots to buy. Annie from Grannie Annie’s came from Harris to visit, and to host a pop up shop in our café. Many thanks to Annie for making the trip, we really enjoyed having you with us.


UHI Sgoil Fhoghair
Dàmhair / Samhain 2024


Bha seachdain thrang, inntinneach againn le oileanaich na Gàidhlig, a bh’ air cùrsa goirid Sgoil Fhoghair UHI. Bha dusan oileanach còmhla rinn fad na seachdain ag ionnsachadh Gàidhlig, le feadhainn a’ fuireach ann an ostail Ghrinneabhat. Bha clasaichean cànain aca a h-uile latha le Christine NicLeòid, agus bha iad cuideachd thall sa bhos a’ coinneachadh diofar dhaoine sa choimhearsnachd agus a’ cur eòlais oirnn is air a’ chultar ionadail againn. Bha iad air cuairt agus chuala iad tòrr sgeulachdan, chunnaic iad breabadair ag obair air a’ bheairt, bha iad a-miugh le Comunn Eachdraidh an Taobh Siar agus aig Taigh Dubh Àrnoil. Chuala iad cuideachd bho eòlaichean mu ainmean-àite, gnàthasan-cainnte, sgeulachdan is òrain, a bhith a’ cur a-mach an loidhne agus rinn iad rud beag dannsa-ceum cuideachd.
We were pleased to host UHI’s Autumn Gaelic Learners week at Grinneabhat. This involved daily Gaelic classes with Christine Macleod and various outings in the afternoon learning about local life and culture. Evening events included the Grinneabhat choir, a talk by Catriona Murray UHI lecturer on Halloween customs and a Community Cèilidh. Thanks to all involved in making the week possible and for those that participated.


Thar na h-oidhcheannan, chaidh iad còmhla ri coisir Ghrinneabhat airson rud beag seinn. Thàinig Catriona Murray, òraidiche bho UHI a-null a dhèanamh òraid air feadhainn de na cleachdaidhean agus deas-ghnàthan a bh’ aig daoine uaireigin co-cheangailte ri Oidhche Shamhna, agus a bhith gan dion fhèin bho dhroch spioradan agus cumhachd an dorchadais. Air an oidhche mu dheireadh bha cèilidh ann le Coisir Sgìre a’ Bhac, Ceum Sunndach, Iain Alex Macdonald, Emma 'Scalpaigh' NicLeòid, Dena Anne NicLeòid agus seinneadar ionadail eile, òg is aosta. Taing dhuibh uile son a thighinn a sheinn sa chluich dhuinn. Taing dha Avril Allen cuideachd airson an oidhche a chur air dòigh.

Oidhche Chiùil Ghàidhlig
Community Cèilidh
Dihaoine 1 Samhain




Òraid Oidhche Shamhna
Halloween Talk
31 Dàmhair/October


Partaidh Oidhche Shamhna
Halloween Party
Bha oidhche air leth spòrsail againn aig Grinneabhat aig ar Pàrtaidh Shamhna. Bha e iongantach a’ chlann gu lèir fhaicinn ann an aodach Samhna. Taing do Laura a chuidich, agus taing dhan a h-uile duine a thàinig!
We had a great night at Grinneabhat for the kids’ Halloween Party. We loved seeing all the local kids dressed up and having fun. A big thank you to everyone who came along and made such an effort. Another huge thank you to Laura Stewart (22NB) who helped organise the event.



Timcheall a' Bhùird
Saturday Supper Club
Bha a’ chiad ‘Timcheall a’ Bhùird’ againn bho chionn ghoirid aig Grinneabhat. Thuirt cuideigin a bha ann, “Biadh math agus cèilidh càirdeil le caraidean sean is ùr.”
We held our first Supper Club at Grinneabhat recently. Someone who was there said, “Delicious food and a lovely friendly atmosphere. A perfect opportunity to spend an evening with old friends and make new friends.”


DK Macleod
Sunrise & Sunset
Exhibition opening
Saturday 19th October, 5-7pm


Western Isles Covid Memorial
Remembering together
COMMUNITY DAY with INTERACTIVE ART WORKSHOPS & MUSIC
Saturday 28th September
1 - 4pm, Grinneabhat. Clay shell casting, paper kiln & banner making workshops with Jon Macleod, Sandra Kennedy & Danielle Macleod.
4 - 6pm, Grinneabhat. Music from Miss Irenie Rose, Maggie Smith & Zoe Leparoux.
From 7pm North Shawbost beach. Fire sculptures & procession. Piping from Katie Macrae. Clay shell performance.

Bracaist nam Fireannach
Men's breakfast
Disathairne / Saturday 7th September

Car Boot Sale
Saturday 24th August

Weeds, wild oats & other stories
Magdalena Choluj & the Nature Library

Exhibition opening
Saturday 17th August, 5-7pm



Willie Campbell & Jane Hepburn
Friday 9th August, 7.30pm
Oidhche air leth le Willie is Jane. Seinn is dannsa is fealla-dhà. Chòrd an oidhche ris a h-uile duine. Mòran taing do Willie agus Jane, agus do dh’Avril a chur an consart air dòigh. Thigibh a’ chèilidh oirnn a-rithist a dh’aithghearr!
What a brilliant night we had with Willie Campbell and Jane Hepburn Macmillan. Singing, dancing and fun! Everyone thoroughly enjoyed the night. Many thanks to Willie and Jane, and to Avril who organised the concert. Come back and visit us again soon!

Oidhche de Bhàrdachd
is Òrain Ionadail
Dihaoine 2 An Lùnastal, 7.30f
Bha oidhche shònraichte de bhàrdachd, òrain agus sgeulachdan againn bho choinn ghoirid aig Grinneabhat. Rinn Alice Nic a Mhaoilein rannsachadh agus cruinneachadh air òrain na sgìre dha Grinneabhat agus dha Comann Eachdraidh an Taobh Siar, agus an uairsin chuir i consart air dòigh gan taisbeanadh.
Bha Alice còmhla rinn aig Grinneabhat thairis air mìosan an t-samhraidh air Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach. Ma tha duine agaibh eòlach air Alice, bidh fios agaibh gu bheil òrain is seinn a’ còrdadh rithe gu mòr!
Abair measgachadh a bh’ againn de dh’òrain, sgeulachdan is bàrdachd à Bràdhagair agus Àrnoil. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a bha san èisteachd a-nis eòlach air number plates a h-uile càr, bhàn is làraidh a bha sa bhaile uaireigin!
Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig, a h-uile duine a ghabh pàirt le seinn no aithris, na saor-thoilich a rinn teatha is cofaidh, agus dha Alice airson an oidhche a chur air dòigh. B' e oidhche a bh’ ann nach tig a cuimhne dhaoine airson ùine ri thighinn.

VARIETY NIGHT
for all the family
Friday 26th July, 7pm
Abair oidhche spòrsail a bh’ againn bho chionn ghoirid aig a’ chiad Variety Night aig Grinneabhat! Tha ar coimhearsnachd cho tàlantach math daoine aig a h-uile aois fhaicinn.
What a special night we had recently at our very first Variety Night! So much talent in our local community, and great to see people of all ages taking part. It definitely won’t be the last Variety night at Grinneabhat.



MECHANICAL GARDEN
Thurs 25th & Fri 26th July
10am - 5pm
Ages 14 - 25
FREE but booking essential
Book tickets here: https://lanntair.com/events/event/mechanical-garden/
or call 01851 708480
Design and build mechanical inhabitants for the Grinneabhat garden and polycrub. Make motorised insects and robotic rodents or program plants with guest artists Jamie Grier and Saehee V Simmons.
We’ll learn skills such as soldering, coding and using recycled materials to bring our creations to life and make them reactive to their environment. No prior experience necessary!
About the artists:
Jamie is a Glasgow based sound engineer and programmer with a BSc in Multimedia & Electronics. He has worked internationally in collaboration with art, music and theatre companies, specifying, designing and implementing digital solutions, custom electronics and software for installations and performance projects.
Originally from Los Angeles, Saehee has a BFA in Graphic Design and Photography from California State University of Long Beach and a BA(hons) in Costume for Performance from London College of Fashion. She is a costume and prop designer/maker for film, theatre, music videos and outdoor arts. Her career varies from animation for film and TV to fashion, she aims to practice sustainably wherever possible.
Cèilidh Teaghlaich
Family ceilidh
18/7/24
Le daoine òga à Èirinn is Alba
With young people from Ireland and Scotland
Mòran taing do dhaoine òga à Leòdhas is Èirinn agus Fèisean nan Gàidheal a chùm Cèilidh Teaghlaich aig Grinneabhat. Chòrd e gu mòr ris a h-uile duine ☺️
Many thanks to the young people from Lewis and Ireland and Fèisean Nan Gàidheal who held a Family Cèilidh at Grinneabhat. Everyone really enjoyed it ☺️



Red, Green & Blue
live at Grinneabhat
Saturday 13th July
Bha oidhche mhath againn ann an Grinneabhat ag èisteachd ris an dithis seo a tha air leth tàlantach, Red, Green and Blue. Mòran taing airson tighinn gu Grinneabhat air ur Cuairt Albannach.
We had a brilliant night at Grinneabhat listening to the extremely talented duo Red, Green and Blue. Thank you so much for coming to Grinneabhat on your Scottish Tour.


Batty Art Workshops
Friday 12th July
10am - 12pm ages 5 - 8
1pm - 3pm ages 9 - 12
For more information visit An Lanntair -https://lanntair.com/events/event/batty-art-workshops/
FAODAIL | FOUND
Outer Hebrides Film Archive
Tuesday 9th July, all day.

Passing Places
Tuesday 9th July, 7.30pm
For more information visit https://www.taigh-chearsabhagh.org/film/found/

Bumblebee ID and Bee Walk 4th July 7.30pm - 9pm

Family Bumblebee Safari 3rd July 10.30am - 12pm
Everyone had a great morning at the Family Bumblebee Safari. Thanks so much to Emma and the team at Bumblebee Conservation for the event!





Alice Macmillan & Jack Wolf
29 an t-Ògmhios 29th of June

Mar a thuirt cuideigin a bha an làthair - “Oidhche mhìorbhaileach! Cho math an ath ghinealach fhaicinn agus a chluinntinn làn tàlant”. Mòran taing do dh’Alice is Jack airson consart air leth, chòrd e gu mòr ris a h-uile duine. Taing cuideachd do Marnie, Lilly, Anna is Iain James airson òrain a ghabhail. Bha sibh math dha rìribh!
Amazing evening with Alice and Jack that was thoroughly enjoyed by all. Thank you both for coming over to Grinneabhat for a concert and please don’t leave it too long until you come back! Thanks also to Marnie, Lilly, Anna and Iain James for giving us a song, you were all great!



STRING / LINES
Caroline Dear
Bha feasgar air leth againn, a' fosgladh an taisbeanaidh ùr againn, String / Lines le Caroline Dear. Bidh e ri fhaicinn aig Grinneabhat gu 13 Lùnastal.
We had a great afternoon at the opening of our latest exhibition: String / Lines by Caroline Dear. The exhibition can be seen at Grinneabhat until 13th August.






Danns' a' Rathaid
Road Dance
1 Ògmhios 2024
Nach ann againn a bha oidhche mhiorbhaileach aig ar Danns’ a’ Rathaid! Ged a b’ e oidhche beagan mì-chàilear a bh’ ann, cha do chuir sin stad oirnn idir! Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do Tony agus Dan, Còmhlan Mhaleòidean Nis, Còmhlan Pìobaireachd Òg Leòdhais agus na Hearadh, luchd-obrach Taigh Dubh Àrnoil agus dhuibhse a thàinig a-mach a dhannsa! Cò a bhiodh ag iarraidh a thighinn gu dannsa eile? Feuchaidh sinn toirt air a’ ghrian a thighinn a-mach an ath-thuras!
What an excellent night of dancing we had at our Road Dance. Though the weather was not perfect, we certainly did not let that spoil our fun! We would like to say a massive thank you to our performers – Tony & Dan, the Ness Melodeon Band, The Lewis & Harris Youth Pipe Band, staff at Arnol Blackhouse and to yourselves who came out on a dreich night for some dancing and fun! Who would like to see another Danns’ a’ Rathaid happen?



Bracaist nam Fireannach
Men's breakfast
Saturday 25 May

Busy morning at Grinneabhat feeding some the men of Bragar and Arnol. Great turnout, we hope you all enjoyed it. Keep your eyes peeled for information on the next one.
Mòran taing dhuibh uile airson a thighinn, tha sinn an dòchas gun do chòrd e ribh.
Latha sa Mhòine
11 Cèitean 2024
11 May 2024





Sgioba anns a' mhòine a' togail rùdhanan. Making rùdhanan, miniature peat stacks, to dry this years peat with our great gang of volunteers.
Costello
3 Cèitean, 3 May 2024
Abair oidhche a bh’ againn. Thàinig Iain ‘Costello’ MacÌomhair a chèilidh oirnn agus abair cèilidh a bh’ againn, le òrain, sgeulachdan is fealla-dhà. Mòran taing do Chostello agus na bi ro fhada a tilleadh!
What a great night we had. Iain ‘Costello’ Maciver came for a cèilidh, and what a brilliant traditional cèilidh it was, with everyone singing along. Many thanks to Costello, don’t be long in coming back!



Seedling Animators Workshop run by An Lanntair
Wednesday 3 April.
Ages 5 - 8: 10am – 12pm. Ages 9 - 12: 1pm - 3pm.

Learn how to make a short stop-frame animation in this plant-based workshop for Primary school age children. You will also be making models and playing music and movement games.
Coisir Sgìr' a' Bhac agus Caraidean
Saturday 30th March
Abair oidhche Shathairne air leth le Coisir Sgìr a' Bhac agus seinneadairean eile. Bha òg is aost a’ seinn agus anns an luchd-èisteachd agus deagh mheasgachadh de dh’òrain agus ceòl a’ bhocsa. Bha an luchd-èisteachd a seinn cuideachd, taing do Avril!
Tapadh leibh son a thighinn chun iar!
What an amazing night of music we had at Grinneabhat on Saturday night - a real cèilidh with some of the best traditional singers in Lewis. Big thank you to the Back Gaelic Choir, Isabelle Bain, Catriona Bain, Jonathan Fairgrieve, Margaret Stewart, Murdo Macdonald, Iona Davidson, Calum Mackay, Donna Maclean, Seumas MacTaggart, and Katie MacRae for performing and to Avril Allen for organising such a special night.

Coisir Sgìr' a' Bhac


Iona Davidson


Seaweed Foraging workshop
Saturday 30th March 1-4pm
Join Jemima Hall on a Seaweed Foraging walk to learn about and discuss the ethnobotanical uses of seaweeds, exploring their colours, strengths, medicines and flavours.
Meeting at and returning to the exhibition room at Grinneabhat, setting off at 1pm towards the coastline.
For more information visit our Exhibitions page.

February's seaweed foraging walk

A' Glanadh nan Tràighean
Beach Clean Up
Saturday 30th March

Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig a-mach Disathairne a chuideachadh!
Thanks to everyone who came out on Saturday to help.
158kgs worth of litter collected!
Big thanks to Wendy Gorman, Volunteer Centre Western Isles - Lewis, Clean Coast Outer Hebrides and Surfers Against Sewage

Leughadh is Rabhdan
Buidheann ùr aig Grinneabhat airson clann, pàrantan is luchd-cùraim.
New group at Grinneabhat for children, parents and carers.
.jpg)
Thigibh còmhla rinn airson leabhraichean Gàidhlig a leughadh leis a’ chloinn agus rabhdan beaga a dh’fhaodas a chleachdadh leotha ionnsachadh.
Come along to read some Gaelic books with the children and learn little Gaelic rhymes you can use with them. We hope this group will be particularly useful to parents/carers who are planning to put their child into Gaelic Medium Education but are not confident in their own Gaelic speaking or reading.
Mòran taing do Bòrd na Gàidhlig airson taic a chuir ris a’ phròiseact seo.
Many thanks to Bòrd na Gàidhlig for supporting this project.
No fee, donations welcome.
Sgeulachdan Siarach 2024
Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig
Part of World Gaelic week



Bha pròiseact na bliadhna-sa ag amas air sgilean aithris sgeulachdan a’ leasachadh ann an cloinn òg bho Taobh Siar Leòdhais.
This year’s Sgeulachdan Siarach project focused on developing storytelling skills in children (5-12) on the west side of Lewis.
Jemima Hall
Artist in conversation

Fasgadh Feamad/
Seaweed Shelter
Saturday 10th February 3pm
Club Lego
.jpg)
Theatre Gu Leòr.
Taigh Tŷ Teach
Tue 30th January 2024 - Thu 1st February 2024
Tha Theatre Gu Leòr a’ tighinn a’ chèilidh oirnn. Bidh iad a’ cleachdadh an togalach agus bidh cothrom aig a’ choimhearsnachd a thighinn a-mach airson dealbh chluich fhaicinn. Barrachd fiosrachaidh agus tiocaidain: Ticket Source
Theatre Gu Leòr are coming to visit us. They will be using the building and the community will have the opportunity to come and see the play they are working on. More information and tickets: Ticket Source

Taigh Tŷ Teach is a major, tri-lingual co-production of a new site-specific piece written by Mairi Morrison in Scotland, Eva O’ Connor in Ireland and Mared Llywelyn Williams in Wales, and performed in Gaelic, Irish and Welsh with English subtitles.
Three houses, three communities and three stories unfolding, each reflecting the challenges shared by the three countries and the people at the heart of them.
Performances at 7pm on 30th January, and at 2pm and 7pm on 31st January and 1st February.
Bidh Grinneabhat dùinte eadar 22 Faoilleach agus 3 Gearran. Bidh an Cafaidh fosgailte a-rithist air Diciadain 7 Gearran. Bidh an laundrette fhathast fosgailte – cha dhùin e idir.
Grinneabhat will be shut between 22nd January and 3rd February. The Café will re-open on Wednesday 7th February. The laundrette will remain open and won’t shut at all.
Burns Supper, January 2024

